Cobhair air boireannach air Abhainn Spithein

Rinn Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair cobhair air boireannach feasgar Didòmhnaich an dèidh dhi a druim a ghoirteachadh 's i ann an caidheag air Abhainn Spithein.

Chaidh am boireannach, a tha na 20an, a thoirt a dh'Ospadal a' Bhelford sa Ghearasdan le heileacoptair teasairginn 137 Sea King an RAF.

Tha dùil gur e seo tè de na h-iomairtean teasairginn mu dheireadh a nì na heileacoptairean Sea King, 's iad gan toirt a-mach à seirbheis an ceann beagan làithean.

Tha cùmhnantaichean prìobhaideach gam fastadh airson an t-seirbheis a thoirt seachad bho thoiseach a' Ghiblein.

Sgeulachdan aithriseach

  • Iain MacAmhlaighIain MacAmhlaigh air a dhreuchd a leigeil dheth Listen

    Tha Stiùiriche na h-Obrach Sòisealta aig Comhairle nan Eilean Siar, Iain MacAmhlaigh, air a dhreuchd a leigeil dheth às dèidh còrr 's 30 bliadhna aig a' Chomhairle.


  • BlythswoodIomagain air Blythswood

    Tha strì ùr air thoiseach air a' chathrannas Ghàidhealach Blythswood is iad air taic a chall mar phàirt de ghearraidhean Comhairle na Gàidhealtachd.